[go: up one dir, main page]

Jump to content

Christiaan Eijkman

O Uicipeid
Christiaan Eijkman
rector of Utrecht University (en) Translate

Beatha
Breith Nijkerk (en) Translate, 11 dhen Lùnastal 1858
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Àite-fuirich Gelderland
Ciad chànan Duitsis
Bàs Utrecht, 5 dhen t-Samhain 1930
Àite-adhlacaidh Driehuis Velsen Crematorium (en) Translate
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Amsterdam
Pasteur Institute (en) Translate
Àrd-fhoghlam ceum dotaireachd
Stiùiriche an teusais Thomas Place (en) Translate
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd lighiche, bith-cheimigear, neach-teagaisg oilthigh agus beò-eòlaiche
Fastaichean Oilthigh Utrecht  (1 dhen Dàmhair 1898 -  1918)
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan

B' e lighiche às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Christiaan Eijkman (IPA: krɪstijaːn ˈɛi̯kmɑn, Nijkerk, 11 an Lùnastal 1858Utrecht, 5 an t-Samhain 1930).[1]

B' e ceannard bhun-sgoil a bh' ann athair, air an robh Christiaan Eijkman cuideachd agus bha a bhràthair Johann Frederik Eijkman na cheimigear.[2] Thogadh e ann an Zaandam. Thug e ceum aig Oilthigh Amsterdam ann an eòlas-leighis armailteach. Fhuair e a dhotaireachd ann an 1883 airson na sgrìobh agus rannsaich e mu pòlarachadh nan nearbhan, fo T. Place. Phòs e aig a' chiad bhean, Aaltje Wigeri van Edema, ann an 1883 ach dh'eug i ann an 1886. Phòs e a-rithist ann an 1888 aig Berthe Julie Louise van der Kemp agus rug i aon mhac dha, Pieter Hendrik Eijkman .[3]

An uair sin chaidh e thall thairis leis an arm is e na dhotair. Chuir e seachad corra bhliadhna ann an Diàbha agus Sumatra. Cha mhòr nach do bhàsaich le mailèiria agus b' fheudar dha thilleadh dhan dùthaich aige fhèin. Rinn e rannsachadh air galaran tropaigeach ann an deuchainn-lainn ann an Amsterdam agus Berlin. Mu dheireadh thall, chaidh a chur air ais dhan Innd-Innse mar cheannard Sgoil Eòlas-leighis Dhiàbha (Duitsis: Dokter Djawa School): Oilthigh na h-Innd-Innse an latha an-diugh.[4] Chuir e seachad bliadhnaichean a' Dèanamh rannsachadh saidheansail an siud.

Chaochail e na bhodach san leabaidh ann an Utrecht, far an robh e na ollamh san oilthigh fad deicheadan.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1929 còmhla ri Frederick Gowland Hopkins airson a chuid obrach air a' ghalar beriberi agus beòthamanan.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Openarch
  2. Notice sur la vie et l'oeuvre scientifique Johan Frederik Eykman. Recueil des Travaux Chimiques des Pays-Bas et de la Belgique, 1916, Volume 35, Issue 11-12, pages 365–411, doi:10.1002/recl.19160351102
  3. NNDB
  4. Pyenson, L.: Empire of Reason: Exact Sciences in Indonesia 1840-1940, Brill, 1989
  5. Christiaan Eijkman - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.